Lorg_Glaschu

Lorg_Glaschu

Slighean ionmhais àrc-eòlach ann an Glaschu. Pròiseact coimhearsnachd - Bliadhna Bhogaidh 2021-2022 aig Oilthigh Ghlaschu.

Archaeology-themed scavenger hunts in Glasgow through the medium of Gaelic.

09/02/2024

Tha coltas inntinneach air seo!

BBC ALBA - Larach Leabhar Dheir (The Missing Monastery) 18/11/2023

Cò eile tha a' dèanamh fiughair ri cluintinn mu dheidhinn seo? 😍

https://www.bbc.co.uk/programmes/m001spx6?fbclid=IwAR3TU-MKcGexuC_lUZ9aOgJfM77m6fEw0B_XMEpnQyjq2nRHf3QUiWJDUbo

BBC ALBA - Larach Leabhar Dheir (The Missing Monastery) An tòir air Mhanachainn Dhèir a’ leantainn. The search for the Monastery of Deer continues

Photos from Lorg_Glaschu's post 26/07/2023

Leis gu bheil Cupa na Cruinne direach air tòiseachadh, shaoil mi gum biodh a' chriomag seo gu math freagarrach!⚽️

Chaidh am ball-coise as sìne san t-saoghal a lorg ann an Caisteal Shruighlea, air cùl a' phanailidh ann an Seòmar na Banrigh. Tha e bunntainn do mheadhan na 15mh linn agus tha e air a dhèanamh de dh'aotraman muice agus de sheiche bà. Tha e gu math nas lugha na ball-coise àbhaisteach an latha an-diugh, mu leth a mheud. Bha muinntir a' Chaisteil, a' gabhail a-steach righrean, banrighrean agus uaislean, gu math deidheil air ball-coise. Aig an aon àm, ge-tà, bhiodh an lagha a' cur bacadh air a' gheama ann an iomadh dòigh leis gun robh e gu math cunnartach agus e a' toirt daoine air falbh bho seirbheis san arm. Tha am ball seo a-nis ri fhaicinn ann an taigh-tasgaidh, The Stirling Smith Art Gallery and Museum.

Photos from Lorg_Glaschu's post 21/07/2023

Criomag 1 - Brògan às an tobar

Chaidh iomadh rud a lorg ann an tobar a’ ghearasdain Ròmanaich air Bar Hill, mar eisimpleir altair, pìosan de cholbhan, cùinntean, agus brògan. Bha brògan chloinne nam measg, cuideachd. Tha seo ag innse dhuinn gun robh clann a’ fuireach sa ghearasdan.

Bha teaghlach aig cuid de na h-oifigearan agus bhiodh iad a’ fuireach còmhla riutha anns a' Phraetorium. B’ e sin am pàirt as spaideile den ghearasdan. A bharrachd air sin, ged nach robh cead aig na saighdearan àbhaisteach pòsadh, is cinnteach gun robh cèile agus clann aig mòran dhiubh, is dòcha anns na bailtean beaga taobh a-muigh a’ ghearasdain. Gu dearbh, bhiodh bailtean beaga gu tric a’ fàs faisg air a’ Bhalla, far am biodh ceàird agus malairt a’ dol, ach chan eil tòrr fhianais ann air beatha nan daoine a bha a’ fuireach ann.  

Chaidh na brògan thilgeadh san tobar nuair a chuir arm nan Ròmanach an cùil ris a’ ghearasdan agus ris a’ Bhalla. Is gann gum faigh sinn brògan agus rudan air an dèanamh de leathar agus de stuth organach air làrach àrc-eòlach, ach leis gun robh an tobar fliuch agus dìonach, mhair iad ann an deagh staid agus tha coltas tòrr nas fheàrr orra na bhios mar as àbhaist. 

Chì thu cuid de na brogan san Hunterian Museum aig Oilthigh Ghlaschu, saor an asgaidh.

Cuiridh mi ceangal-lion no dhà anns na sgeulachdan, far am faigh sibh barrachd fiosrachaidh air Bar Hill agus air na brògan.

Dealbhan:

- Sgeidse, bròg GLAHM:F.1936.124 (find number, sin mar a tha e clàraichte san taigh tasgaidh)

- Sgeidse a rinn mi o chionn dà bhliadhna gus na brògan agus stuth eile bho àm nan Romanach (saighdear dèideige agus seud-muineil air a bheil "bulla") a shealltainn anns a' cho-theacsa aca. Chan e dealbh "saidheansail" a th' ann ge-tà, chan eil mi nam neach-ealain no nam àrc-eòlaiche phroifeiseanta fhathast!

05/03/2023

Am faca tu am mapa ùr againn?

Tadhail air na h-àitichean far an robh a' bhrù-dhearg gus faighinn a-mach dè bha a' dol air bruachan abhainn Cheilbhinn san 18th agus 19th linn!

-Chan eil am mapa riatanach son cluich air-loidhne ach tha e cuideachail mura bheil thu eòlach air an àite.

-Faodaidh tu cuideachd ga chleachdadh ma tha thu airson cluich le buidheann (m.e. buidheann-òighridh no clas sgoile) gun a bhith a' cleachdadh nam fònaichean fad na tìde/mura bheil gu leòr fònaichean ann son a h-uile duine fhaighinn an-sàs, no ma tha thu ag airson "slighe-ionmhais" traidiseanta a dhèanamh.

Gheibh tu am mapa ann an cruth PDF air an làrach-lìn againn.
Tha goireasan eile ann cuideachd a dh'fhaodadh a bhith feumail, mar eisimpleir duilleagan le dealbhan agus beagan fiosrachaidh gu sònraichte freagarrach do chlann, agus liosta le faclan feumail do luchd-tòiseachaidh.

---------

Have you seen our new map?
While it's not required for the game itself, it can be helpful if you're not familiar with the area! You can also use it to play a more traditional, off-line scavenger hunt, if you're playing with a large group (for example a class) or don't have access to enough phones to get everyone involved.

You can download a printable PDF from our website, alongside with other resources (word lists for beginners, children's booklet, ...)

23/02/2023

Ged a tha a' bhrù-dhearg fadalach, chan eil sibhse! Tha ùine agaibh fhathast son pàirt a ghabhail anns na tachartasan againn airson Seachdain na Gàidhlig:

- Lorg-Glaschu Ceilbhinn, Disathairne 25mh den Ghearran, 10m-12.30f. Bidh sinn a' coinneachadh air prìomh gheata nam Botanics.

- Lorg-Glaschu na h-Alba, Didòmhnaich 26mh den Ghearran, 2f-4f, Speirs Wharf/Port Dundas.Tha an dà thachartas saor an asgaidh.

Tha an dà thachartas saor an asgaidh.
Ma tha ceist sam bith agaibh, nach cuir sibh fios thugam.

Chì mi ann sibh!

22/02/2023

Tòrr ghoireasan a thaobh àrc-eòlais airson Seachdain na Gàidhlig! 🤩

✨Seachdain na Gàidhlig✨World Gaelic Week

🕵Tha cothroman fìor mhath agaibh Gàidhlig a chleachdadh, eadar-theangaidhean a sgrùdadh, agus briathrachas àrc-eòlach ionnsachadh leis an app Ulaidhean Uibhist. A bharrachd air Ulaidhean Uibhist, tha iomadach goireas eile ann a thaobh àrc-eòlais a bhiodh feumail do luchd na Gàidhlig is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Seo beagan dhaibh as toil leinn:

The Uist Unearthed app content is a great way to practise your Gaelic, check translations, and familiarise yourself with archaeological terminology. There are some fantastic archaeological resources out there for Gaelic learners and speakers. Here are some of our favourites:

📜Lorg_Glaschu: https://lorg-glaschu.com/. Thoiribh sùil air na “sealgan scavenger” àrc-eòlach aca: tha tè no dhà a’ tachairt an deireadh-sheachdain seo ann an Glaschu!

Lorg Glaschu. Check out their archaeology-themed scavenger hunts: there are some on this weekend in Glasgow! ⤵
https://seachdainnagaidhlig.scot/event/lorg-glaschu-abhainn-cheilbhinn-sealg-scavenger-arc-eolach-archaeology-scavenger-hunt/

⛏Tha corra artaigil sgrìobhte sa Ghàidhlig le Dig It ri fhaighinn air an làrach-lìn aca // Dig It! have a selection of blogs written in Gaelic available on their website here: https://www.digitscotland.com/category/gaelic/.

Tha fear ann mu dheidhinn Ulaidhean Uibhist fhèin!//Check out this one on Uist Unearthed!: https://www.digitscotland.com/laraichean-arc-eolais-a-dhfheumas-tu-fhaicinn-ann-an-uibhist-ghaidhlig/

🐟Agus mu dheireadh, feuchaibh rud beag Gàidhlig nan Lochlannach le LearnGaelic, a’ cur fòcas gu sònraichte air an làrach Lochlannach as fheàrr leinn ann an Uibhist, Bornais! https://learngaelic.net/watch/food.jsp?v=watch_gaelic_annlan_s1_ep5_clip2
and finally, try your hand at some Viking themed Gaelic with LearnGaelic, focusing on our favourite Uist Viking site, Bornais!

👏Funders and partners: NatureScot National Lottery Heritage Fund National Lottery Heritage Fund Scotland Storas Uibhist UHI Comhairle nan Eilean Siar UHI Outer Hebrides Ceòlas HIE Peel X
----------------------
UHI Archaeology Institute Outer Hebrides Hebridean Way Dig It VisitScotland Museum & Tasglann nan Eilean Scottish Islands Passport Uist Beò Cnoc Soilleir Isleof SouthUist Uibhist a tuath Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath Taigh Chearsabhagh
Bòrd na Gàidhlig Seachdain na Gàidhlig

Photos from Lorg_Glaschu's post 21/02/2023

Ged a tha an geama fhèin gu math freagarrach do chlann mar-thà, bidh susbaint ùr a' tighinn a dh'aithgheàrr a bhios gu sònraichte freagarrach do na cluicheadairean as òige againn! Seo dhuibh sneak-peek beag 👀

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil dà thachartas gu bhith againn airson Seachdain na Gàidhlig, an deireadh-seachdain seo tighinn! Agus ma tha ceistean agaibh a thaobh dè bhios clann a' faighinn às a' gheama a rèir aois / nan sgilean Gàidhlig aca, nach cuir sibh fios thugam :)

---------
New content coming soon, this time aimed at getting younger children more involved! If you have questions about what can children get from our Gaelic Week events depending on age and Gaelic skills, feel free to get in touch!

01/02/2023

Sin sibh, a chairdean! ’S fhada bhon uairsin…
Tha mi 'n dòchas gu bheil sibh uile gu math. Chan eil mòran air a bhith a’ dol a thaobh a’ phròiseict seo fad grèis, ach tha beagan naidheachdan agam dhuibh a-nis!

Anns a’ chiad dol a-mach, chuir mi crìoch air slighe ùr o chionn goirid. Faodaidh sibh cluich air www.lorg-glaschu.com ma thogras sibh.

A bharrachd air sin, ’s dòcha gum bi sibh toilichte a chluinntinn gun do dh’obraich mi a-mach mu dheireadh thall mar a nì thu ceangal eadar duilleag Facebook agus duilleag Instagram, a’ ciallachadh nach bi sibh a’ call a-mach air an stuth a chuireas mi anns na stories Instagram tuilleadh (mas e gun do rinn mi a h-uile rud mar bu chòir). Ma tha sibh airson faicinn dè tha dòl “behind the scenes”, sin far am faigh sibh ro-shealladh air na pròiseactan a tha anns a’ bheairt, naidheachdan mu dè tha dol ann an saoghal àrc-eòlais, agus dealbhan bho làraich àrc-eòlach air am bi mi a' tadhail.

Agus aon rud mu dheireadh, bidh fios agaibh mar-thà gu bheil Seachdain na Gàidhlig a’ teannadh oirrn. Tha mi a’ cur air dòigh dà thachartas mar phàirt dheth, air Disathairne 25mh den Ghearran agus Didòmhnaich 26mh. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh a dh’aithghearr ann am post fa leth.

Sin e son an-dràsta! Taing mhòr aison seo a leughadh 😊

Dealbh gus am bi algorithm FB toilichte: brùthan-dearga bhon t-sreath de dhealbhan air a bheil mi ag obair an-dràsta, gus an geama a dhèanamh nas fhreagarraiche do chlann - tha fios agam gu bheil iad car naònach, ach bidh a h-uile rud nas soilleire anns a' cho-theacsa ceart...

----
Hi everyone, it's been a while...
After some quite months here are a couple of updates:

- there is a new treasure hunt available now on the website!
- I might have figured out how to connect this page to its Instagram counterpart - keep an eye on the stories for bonus content, sneaky previews and muddy fieldwork pictures
- Seachdain na Gàidhlig is almost here! I'm planning a couple of events for that, keep an eye on this page for more information in a separate post!

That's it for now, thanks for reading this far :)
Picture to please the FB algorithm: a sneak peek from the illustrations I am preparing to make the game more engaging for younger children...I promise they will eventually make sense!

06/04/2022

Chluich mi le Canva agus MovieMaker an-diugh 😂 agus rinn mi bhideo le beagan stiùiridh mu ciamar a bhios an geama ag obair.

Chan eil e buileach profeiseanta ach tha mi 'n dòchas gum bi e feumail co-dhiù!

03/04/2022

A bheil cuimhne agaibh air seo? Tha an eaglais fosgailte a-rithist airson tadhail air Clachan Baile a' Ghobhainn - saor an asgaidh!

Geama #1
Bu chòir dhan dealbh seo a bhith air "sgeulachdan facebook" na duilleig, ach leis nach eil fios agam ciamar a tha iad ag obair, seo e... 😅

An aithne dhuibh an t-àite air a bheil a' bhrù-dhearg a thadhal? Innis dhuinn gu h-ìosal :)

Tha na "sgeulachdan" nas eadar-gnìomhaiche air Instagram, ach ma tha beachd aig duine sam bith air ciamar a tha iad ag obair an seo, bhiodh e na chuideachadh mhòr!😂 Chan eil mi cleachde ri FB idir...

27/03/2022

Taing mhòr dhan a h-uile duine a bha còmhla rinn ann an-diugh! Tha mi 'n dòchas gun do chòrd e ribh.

Seo foirm freagairt a bhios uabhasach cuideachail dhomh airson an geama a' leasachadh. Bhithinn fada nur comain nan cuireadh sibh ur beachdan thugam! https://forms.gle/iKJ74NkMyD6TW62S8

Cuiridh mi fios thugaibh nuair a bhios "update" a' tighinn air an t-slighe seo agus tha mi 'n dòchas gun cluich sibh a-rithist còmhla rinn air slighean eile nuair a bhios iad deiseil!

_______________

Thank you all for coming! I hope you enjoyed the game :)
Here is a feedback form, if you feel lie helping me to make this game better and the next ones even more engaging! I'd be very grateful for any suggestions and will be happy to report back for accountability. https://forms.gle/iKJ74NkMyD6TW62S8

I'll let you know when this game will be updated in case you want to share it with your friends, and I will (soon-ish if things go to plan) also put up the next game... hopefully we'll play again soon!

Photos from Lorg_Glaschu's post 24/03/2022

Tha mi dìreach airson cur nur cuimhne gum bi tachartas againn Dìdomhnaich seo tighinn!
Ma tha sibh 'n dùil tighinn ann, an cuir sibh fios thugam air duilleag an tachartais? Bhiodh e glè chuideachail :) agus gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air an duilleag sin cuideachd.

Ma tha ceist sam bith agaibh, nach cuir sibh fios thugam.
Tha mi 'n dòchas ur faicinn ann!

Photos from Lorg_Glaschu's post 21/03/2022

🌳Rud no dhà mu chraobhan ann an àrc-eòlas!🌲

Dendrochronology - Bidh sinn a' cleachdadh dendrochronology airson craobhan a dhèiteadh agus airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu cò ris a bha a' ghnàth-shìde coltach fad 's a bha a' chraobh a' fàs. Bidh àrc-eòlaichean a' cunntadh nam fainneachan-chraoibhe, a' còimhead air a' chruth aca, a' sgrùdadh phàtranan agus a' cleachdadh cho-aontaran. Tha seo uabhasach feumail airson sgrùdadh a dhèanamh dhen chrùth-tìr aig àm sònraichte ann an ro-eachdraidh, mar eisimpleir, agus airson rudan a dhèitheadh a tha air an dèanamh à fiodh, mar eisimpleir togalaichean!

Coille aosmhor Lionacleit - An-diugh, 's e traigh a th' ann, ach bhiodh craobhan a' fàs an sin eadar 6000 RC agus 4000 RC (anmoch ann an Linn Mheadhanach na Cloiche agus tràth ann an Linn ùr na Cloiche) ! Chaidh bunan-chaoibhe, freumhan agus an leithid a lorg bho còrr agus 300 chraobh. Bha poilean agus daolagan ann cuideachd, agus anns an aon àite chaidh cnàmh agus uidheamhan cloiche a lorg bho linn an Umha. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn aig SCAPE Trust: https://scapetrust.org/lionacleit/

Agus ann an Glaschu? - Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le dendrochronology air mullach àrd-eaglais Ghlaschu.

Beagan nas fhaide air falbh, ann am Port Ghlaschu, chaidh craobh sònraichte a lorg, air a bheil "Darach Uallais" a rèir beul aithris. Tha an sgeulachd ag innse gun deach Uilleam Uallas a gheimhleachadh an sin, agus gu dearbh bha sèine air a' chraoibh fhathast... Chaidh a' chraobh seo a dhèiteadh bhon 18mh linn, ge-tà...ach dh'fhàs i air bun-craoibhe nas sìne, saoilidh an e sin a' chraobh cheart?

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air:
https://www.digitscotland.com/dendrochronology/
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46890424
https://scapetrust.org/lionacleit/

Lorg Glaschu 11/03/2022

Halò a chàirdean!
Tha mi toilichte ag ràdh gu bheil làrach-lìn a’ phròiseact beò an-dràsta! Chan eil ach fiosrachadh mun phròiseact agus a’ chiad “shealg scavenger” ann thuige seo, ach bidh a’ chiad shlighe ann a dh’aithghearr, cuideachd!

https://www.lorg-glaschu.com

Aig an ìre seo, bidh feum agam air molaidhean agus beachdan gus na slighean a leasachadh – bhithinn fada nur comain nan cuireadh sibh beachdan agus molaidhean thugam as dèidh dhuibh cluich!

☀️Bu mhath leam taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha air a bhith an sàs thuige seo, ach gu sònraichte dhan webmaster againn, Lucas, a tha air a bhith cho foighidinneach leis a' chòdachadh, dhan chlas agam air fad a bha cho deònach air tighinn air cuairt "paidhleat" còmhla rium (tha mi 'n dòchas gun do chòrd e ribh!), agus do Yvonne airson a comhairle a thaobh sgrìobhaidh agus sgoiltean ☀️

Lorg Glaschu Fàilte! Seo làrach-lìn a’ gheama “Lorg - Glaschu”. An seo, gheibh sibh sreath de “shlighean-ionmhais” a tha stèidhichte air àrc-eòlas Ghlaschu. Tha mi ‘n dòchas gum bi an geama seo na dheagh chothrom airson barrachd ionnsachadh agus spòrs tro mheadhan na Gàidhlig. Ma tha ceist, ...

05/03/2022

Chan fhada a-nis gus am bi sinn deiseil leis an làrach-lìn - a' chiad phàirt dheth, co-dhiù! (Gheibh sibh "sneak-peek" no dhà air Instagram).
Mar sin, seo rud no dhà mun chiad "shealg scavenger" :)

Cuspair: àrc-eòlas gnìomhachais agus leudachadh a' bhaile, 18mh-20mh linn

Càite: Abhainn Cheilbhinn

An-diugh, ’s e àite breagha agus gu math sàmhach a th’ ann an abhainn Cheilbhinn, le slighe mòr-chòrdte airson coiseachd, ruith is rothaireachd feadh na h-aibhne. O chionn dìreach dà cheud bliadhna, ge-tà, bha coltas gu math eadar-dhealaichte air an sgìre seo. Gàrraidhean agus slìghean sàmhach, obair cruaidh gnìomhachais, ailtireachd spaideil, agus am bàile a’ leudachadh far an robh achaidhean ann roimhe… abair cruth-tìr iomsgarach, a’ sìor-atharrachadh tro eachdraidh còmhla ri beatha daoine na sgìre.

Ghabhaibh cuairt còmhla rinn gus faighinn a-mach mu chuid de na bhiodh a’ dol air bruachan Cheilbhinn. Bidh sibh a’ lorg an àite far an deach gach dealbh a thogail, le beagan cuideachaidh bho àm gu àm…

Barrachd fiosrachadh (agus an ceangal airson cluich!) a' tighinn a dh'aithghearr. Cùmaibh sùil air an duilleig seo :)

Tha slighe eile gu bhith deiseil cuideachd, agus tha an treas slighe sa bheart!

01/03/2022

Criomag #3 - "The Dig" air Filmichean tro mheadhan na Gàidhlig
https://www.facebook.com/Filmichean-Tro-Mheadhan-Na-G%C3%A0idhlig-105595425283916

Tha còmhradh beag mu dheidhinn "The Dig" (2021) ri fhaighinn air Filmichean tro meadhan na Gàidhlig. Chuir Aodhán ceistean orm mu ciamar a chòrd am film rium, dè mo bheachd air mar oileanach ann an àrc-eòlas, is m.s.a.a.
Dhìochuimhnich mi an dàrna leth de mo chuid cànain (duilich!), ach tha mi 'n dòchas gum bi e inntinneach gu leòr agus gum bi ùidh agaibh anns an fhilm as dèidh dhuibh èisteachd!

*Rabhadh: spoilers beaga*

Am bu toil leibh artaigil goirid a leughadh mun fhilm agus cuid na rudan air an robh mi a' bruidhinn anns an agallamh?

Ma tha ùidh agaibh ann am filmichean san fharsaingeachd (agus gu sònraichte, filmichean mu sàr-ghaisgich, filmichean Bond, Star Wars agus an leithid!) mholainn a-rithist dhuibh sùil a thoirt air "Filmichean tro Meadhan na Gàidhlig" 🎥

Photos from Lorg_Glaschu's post 26/02/2022

🧭Moladh #2 - cathair-eaglais Ghlaschu🧭

Bhiodh tòrr ann ri ràdh (agus tòrr a bharrachd ri fhaicinn), ach seo rud no dhà mar thòiseach thòiseachaidh! Bidh slighe-ionmhais ann cuideachd san aon sgìre, ma bhios rudan a' dol gu plàna... 's dòcha gum bi am fiosrachadh seo feumail air a son :)

'S e Àrd-Eaglais Ghlaschu a’ chathair-eaglais mheadhan-aoiseil as slàine a tha air fhàgail air tìr-mòr na h-Alba. A rèir an sgeulachd, thòisich an eachdraidh fada aice nuair a chaidh Naomh Mungan (Ceann Tighearna) a thiodhlacadh an seo tràth san 7mh linn, as dèidh dha manachainn a stèidheachadh.
Tha a’ mhòr-chuid den togalach Gotach a chì sinn an-diugh bhon 13mh linn. Chaidh pàirtean dhen eaglais ath-thogail iomadh turas tro na linntean, gu sònraichte eadar an 12mh agus 15mh linn. Tha cuid ne na pàirtean as sine rim faicinn san rèilig fon eaglais. Chaidh pulpitum cloiche snaidhte a chur eadar am meadhan-eaglaise agus a' chòisir tràth san 15mh linn. 'S ann glè ainneamh a bhios pulpitum mar seo a' maireann.

Aig àm an Ath-Leasachaidh (1560), chaidh atharrachaidhean a dhèanamh air an eaglais. Mar eisimpleir, chaidh na h-ìomhaighean (mar na feadhainn a bha co-cheangailte ris na naomhan) a thoirt air falbh, a' fagail cuiltean falbh. Chaidh altairean beaga agus screen fiodha masaichte, a bha air feadh am meadhan eaglaise, a thoirt air falbh cuideachd. Chì thu fhathast na làraich far an robh iad ceangailte ris na colbhan.

Tha a' ghlainne-dhathte a th' ann an-diugh gu math ùr an coimeas ri pàirtean eile dhen eaglais: chaidh a dèanamh san 20mh linn. Bha na h-uinneagan a bh' ann roimhe bhon 19mh linn, nuair a chaidh obair ath-shlànachadh (agus beagan sgrios, mar phàirt de pròiseact ath-thogail) a dhèanamh. Tha an eaglais fhathast air a cleachdadh le Eaglais na h-Alba.

🧭Fiosrachadh🧭

-Doras so-ruigsinneach (lioft sèitheir-chuibhle)
-Siostam aon-sligheach

🎫Tiocaidean: saor an asgaidh / clàradh air a mholadh

📞Audio Guide

inbheach 16-64 £2.00
concession 65+: £1.50
òigridh

Photos from Lorg_Glaschu's post 20/02/2022

*Criomag #2*

Chaidh Provand's Lordship a thogail ann an 1471 mar phàirt de Ospadal Naoimh Neacail. Chan eil ach ceithir togalaichean meadhan-aoiseil air fhàgail ann an Glaschu, Provand's Lordship nam measg. 'S e taigh-tasgaidh a th' ann an-diugh, air a stiùireadh le GlasgowLife.

Photos from Lorg_Glaschu's post 07/02/2022

Ro-shealladh air an làrach-lìn (agus air an deilbh ùr a rinn mi air a shon), bho na sgeulachdan instagram agam :)

Tha an làrach-lin air a phrògramadh le caraid, chan eil mise cho math sin!

A thaobh nan typos: *a cluich "leis"...thig an donas...😅

05/02/2022

❓Càit a bheil a' bhrù-dhearg?

~~~~~~~

🧭Tha sinn air Instagram cuideachd, far a bheil barrachd ri fhaicinn anns na "sgeulachdan" (tha iad nas eadar-gnìomhaiche), suirbhidhean, geamannan agus ro-sheallaidhean nam measg!🧭

Photos from Lorg_Glaschu's post 03/02/2022

Criomag #1

Tha Glaschu air fàs agus air atharrachadh gu mòr anns na linntean, agus chan eil mòran air fhàgail bho sheann mheadhan a' bhaile. Mar eisimpleir, chaidh an oilthigh a ghluasad gu Gilmorehill anns na 1870an, nuair a chaidh na seann thogalaichean a reic ri companaidh-rèile agus an uair sin a leagail gus stèisean agus loidhne-rèile a thogail nan àite. Bha pìos no dha air a chumail ge-tà, staidhre le iomhaighean leòmhainn agus aon-adharchaich nam measg.

Chaidh cladhach àrc-eòlais a dhèanamh ann an 1984 agus 2003 air seann làrach an oilthighe agus an taighe-mhanach.

Reifreansan:
Archaeology Around Glasgow, le Susan Hothersall
Canmore.org.uk: https://canmore.org.uk/site/147427/glasgow-university-avenue-university-of-glasgow-lion-and-unicorn-staircase

30/01/2022

❓❓Càit a bheil a' bhrù-dhearg? ❓❓

Photos from Lorg_Glaschu's post 29/01/2022

Mu dheireadh thall, seo a' chiad mholadh!

PAIRC POLLAIG
Ro-eachdraidh, gnìomhachas, togalaichean le eachdraidh fhada... 's e àite uabhasach fhèin inntinneach a th' ann am Pàirc Pollaig, agus tha tòrr ri fhaicinn a thaobh àrc-eòlais! Mar eisimpleir...

1) Balla-ùir Cearcallach: a rèir deiteadh rèidio-charboin, bha seo na phàirt de dhùn bho Linn an Iarainn. Chaidh fianais a lorg gun robh togalaichean le bonn cloiche agus cùirt-lios ann. Tha lorgan iomair-is-clais agus balla-ùir eile mu 120m gu deas, 's dòcha bho bhaile-fearainn meadhan-aoiseach no iar-meadhan-aoiseach.

2) Taigh-Dhùthcha Pollaig: taigh-dhùthcha Seòrsach a chaidh a thogail eadar 1747 agus 1752, le gàrradh-uchdain agus pàilleanan, air oighreachd an teaghlaich Maxwell. Tha na stàballan (17mh-19mh linn) agus cùirt-lios air làrach an t-seann chàisteil, faisg air a' mhuillean. An sin, chaidh pàirt den tùr bhon 16mh linn agus an geata bhon t-17mh linn ath-chleachdadh mar phàirt de na togalaichean a th’ ann an-dràsta.

3) Muilleann-sabhaidh, 's dòcha bhon 19mh linn. Tha phàirt den innealradh fhathast ann, ach tha roth-uidheam ann an àite an t-seann roth-uisge. Tha stèisean-cumhachd bhon 19mh/20mh linn ri a thaobh.

4) Baile: Uaireannan, chan bhi càil sam bith ri fhaicinn san cruth-tìr, ach chan eil sin a’ ciallachadh nach bidh sgàth ann idir! Chaidh suirbhidh gheo-fiosaigeach a dhèanamh an seo ann an 2009, gus faighinn a-mach dè bha air fhàgail dhen bhaile a tha a’ nochdadh ann am mapa den sgìre seo bhon 18mh linn. Gu dearbh, sheall an suirbhidh rathad, slèibhtrich agus ‘s dòcha iarsmadh togalaich a bh’ àbhaist a bhith ann.

5) Eile:
• Barpa ro-eachdraidheil ann am meadhan an raoin golf gu iar-deas na pàirce, far an robh poit-targsaidh luairthe agus grìogag òmarach air an lorg anns an 19mh linn.
• Ged nach eil càil ann ri fhaicinn an-diugh, b' àbhaist làrach bhailiùnaichean-bacaidh a bhith an seo aig àm an dàrna cogaidh, far an robh bailiùn mòr ceangailte ris an talamh mar bhacadh aghaidh carbadan-adhair.
• Cruinneachadh MhicBhurail: gailearaidh ealain, ach tha pìos no dhà bho Linn an Ubha ann cuideachd.

Beagan fiosrachaidh:
-Rathaidhean agus slighean, cuid dhiubh freagarrach do rothair, phramaichean agus sheithrichean-chuibhle.
-Taighean-beaga agus cafaidh aig Taigh Pollaig.

Siubhal🚌🚲🚕
-Rèile: Tha stèiseanan ann an Crois MoLiubha, Shawlands agus Pollokshaws.
-Rothair: Tha lànaigean-rothair ann taobh a deas Ghlaschu agus air feadh na pàirce. Tha ceangal ann gu h-ìosal airson coimhead air mapa le Glasgow City Council.
-Càr: Tha goireasan paircidh ann

📚Facal no dhà

rèidio-charboin = radiocarbon dating (C14)
iomair-is-clais = rig-and-furrow marks
bhaile-fearainn = farmstead
roth-uidheam = turbine
suirbhidh gheo-fiosaigeach = geophysical survey
Barpa ro-eachdraidheil = prehistoric barrow
poit-targsaidh luairthe = cinerary urn
grìogag òmarach = amber bead

25/01/2022

Ro-shealladh beag... seo an t-àite air am bi mi a' bruidhinn an t-seachdain-sa. Càite a bheil a' bhrù-dhearg?

22/01/2022

Geama #1
Bu chòir dhan dealbh seo a bhith air "sgeulachdan facebook" na duilleig, ach leis nach eil fios agam ciamar a tha iad ag obair, seo e... 😅

An aithne dhuibh an t-àite air a bheil a' bhrù-dhearg a thadhal? Innis dhuinn gu h-ìosal :)

Tha na "sgeulachdan" nas eadar-gnìomhaiche air Instagram, ach ma tha beachd aig duine sam bith air ciamar a tha iad ag obair an seo, bhiodh e na chuideachadh mhòr!😂 Chan eil mi cleachde ri FB idir...

22/01/2022

Seo a' chiad gheama! Cuiridh mi dealbhan air na "sgeulachdan Instagram" againn, feadhainn gu math soilleir agus feadhainn nas dìomhaire. Làraich àrc-eòlach, togalaichean eachdraidheil, taighean-tasgaidh...tha tòrr dhiubh ann air feadh a' bhaile (agus rud beag nas fhaide air falbh). An aithne dhut an t-àite far a bheil a' bhrù-dhearg?

Tha a' chiad dealbh suas air Instagram mar-thà!

Bidh na slighean-ionmhais stèidhichte air cuid de na h-àitichean sin.

🪶 Bidh a' bhrù-dhearg a' nochadh bho àm gu àm mar charactar anns na geamannan, agus bidh e a' bruidhinn gu sònraichte ris a' chloinn. 'S e treòraiche beag, feòrachail a th' innte. Bidh ise ann còmhla ri caractaran eile bho sgeulachd Naoimh Mungo, pàtran agus stèidheadair Ghlaschu a rèir nan sgeulachdan

Photos from Lorg_Glaschu's post 21/01/2022

Seo na bhios ann mar phàirt den phròiseact! 'S e na slighean-ionmhais am pàirt nas m***a dheth, ach bidh rud no dhà ann a bharrachd.

Tha duilleag instagram agam, cuideachd! Bidh geamannan beaga, suirbhidhean spòrsail agus an leithidh ann.

Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ri tòiseachadh!

14/01/2022

🧭Fàilte oirbh!🧭

Seo duilleag Instagram a’ phròiseict “lorg_Glaschu”, a tha mi a’ cur air dòigh mar phàirt den chùrsa Gàidhlig le bogadh aig Oilthigh Glaschu. Tha mi a’ cruthachadh sreath de shlighean-ionmhais a bhios stèidhichte air àrc-eòlas Ghlaschu. Tha mi ‘n dòchas gum bi am pròiseact seo na deagh chothrom airson barrachd ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, ann an dòigh spòrsail agus neo-fhormeil.

❓ Ciamar a bhios seo ag obair?

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh anns na beagan sheachdainean ri teachd, agus bidh na slighean uile ri faighinn air làrach-lin a’ phròiseact as t-earrach. Cuiridh mi dùbhlanan bheaga, geamannan, molaidhean agus goireasan eile air an duilleig seo anns an eadar àm, cuideachd. Bidh cuid dhiubh freagarrach ri dèanamh aig an taigh, agus so-ruigsinneach do na daoine nach eil a’ fuireach faisg air Glaschu.

❓ Cò mise?
‘S e Moira an t-ainm a th’ orm agus tha mi nam oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Tha am pròiseact seo a’ gabhail a-steach an dà chuspair agam, Gàidhlig agus àrc-eòlas. ‘S ann às an Eilbheis a tha mi o thùs, agus tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig fad dà bhliadhna gu leth a-nis… nì mi mo dhìcheall, ach bidh mearachdan ann!

Ma tha ceist, beachd no moladh agaibh, leigibh fios :)

🧭 Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ri tòiseachadh! 🧭

Want your organisation to be the top-listed Government Service in Glasgow?
Click here to claim your Sponsored Listing.

Address

Glasgow
Other Glasgow government services (show all)
Glasgow Women's Library Glasgow Women's Library
23 Landressy Street
Glasgow, G401BP

Glasgow Women’s Library is the only Accredited Museum in the UK dedicated to women’s lives, histories

Scottish CND Scottish CND
PO Box 3620
Glasgow, G733QF

Campaigning for nuclear disarmament since 1958. Follow for updates and peace education resources.

Glasgow University Boat Club Glasgow University Boat Club
Glasgow Green
Glasgow

Established in 1867 https://www.justgiving.com/page/gubcrow

The Lighthouse The Lighthouse
11 Mitchell Lane
Glasgow, G13NU

The Lighthouse is Scotland's Centre for Design and Architecture. We are temporarily closed due to Covid-19 restrictions.

The Tall Ship Glenlee The Tall Ship Glenlee
150 Pointhouse Place
Glasgow, G38RS

Built in 1896 the former merchant sailing vessel will be 128 years old this year.

North Kelvin Meadow North Kelvin Meadow
Sanda Street, Kelbourne St, Clouston St
Glasgow, G208PR

The North Kelvin Meadow is a community group set up on 13 October 2008 to manage the green space between Clouston Street , Sanda Street and Kelbourne Street (G20 – North Kelvin War...

Glasgow Science Centre Glasgow Science Centre
50 Pacific Quay
Glasgow, G511EA

Welcome - thanks for coming by. We want to inspire, excite and enthuse people about science.

University of Glasgow Library University of Glasgow Library
Hillhead Street
Glasgow, G128QE

At the heart of the UofG campus, with 12 floors of study space, over 2.5m books and over 800,00 e-bo

The Scottish Baby Show The Scottish Baby Show
SECC
Glasgow, G38YW

The Scottish Baby & Toddler Show is the country’s biggest event dedicated to pregnancy, birth, bab

CEMVO Scotland CEMVO Scotland
95 Lancefield Street
Glasgow, G38HZ

CEMVO Scotland's goal is to build the capacity of Scotland's ethnic minority voluntary sector

The National Lottery Community Fund Scotland The National Lottery Community Fund Scotland
70 Wellington Street
Glasgow, G26UA

Awarding funds from The National Lottery to projects that strengthen society and improve lives. Sign up to our newsletter to stay updated: https://www.tnlcommunityfund.org.uk/abou...

Citizens Theatre Citizens Theatre
Glasgow

We are an iconic venue and producing theatre company in the Gorbals area of Glasgow. We create ground-breaking theatre productions and empowering participatory projects. Altogethe...